Tales from Barra

Home > Other > Tales from Barra > Page 17
Tales from Barra Page 17

by John Lorne Campbell


  “Ni mi sin,” arsa Iain, “ligidh mi ’nad sheasamh thu gun teagamh ma dh’aidicheas tu gu robh thu air do bheatadh.” “O, tha sin furusda dhomhsa, tha ’n saoghal a’ faicinn gu bheil mi air mo bheatadh.” lig e ’na sheasamh e, agus nuair a bha e bruidhinn air éirigh ’na sheasamh, có leum a nail ach Mac Níll, agus tharraing e sgian dubh as a sleagh, agus bha e dol g’a cur as a shloc. Thionndaidh Mac na Banntraich ris, agus thuirt e: “Ma chuireas tu sgian dubh no geal an còir an duine, feiridh mise ort, agus ann an ionad nam bonn, nach fhaic thu Barraidh ri d’ mhaireann.” Seo mar a bh’ann. Ghabh Mac Nìll an t-eagal, agus dh’fhàg e ’n t-ait’ agus an rud air fad.

  Nuair a dh’éirich am Boc, thug e fhéin agus Mac na Banntraich làmhan air a chéile, agus thuirt am Boc ris: “Bidh tusa ann an Sealtainn comhla riumsa ri d’ mhaireann, agus duine sam bith thig bhuat; agus gheobhadh tu do ragha phòsaidh ann ma thogras tu, agus bidh thu1 sona saidhbhir socair comhla riumsa air an t-saoghal-sa, agus,” ars esan ri Mac Nill, “faodaidh tusa a dhol dhachaigh, a Mhic Nill, cha bu choir dhut bhith air tighinn an seo idir o nach b’aithne dhut sabaid a dheanamh taca ris an duine chòir, ris an fhear a chuir mise air a’ chiad trip a chaidh mo chur air talamh riamh,” ars esan. Agus dh’fhan Mac na Banntraich còmhla ris a’ Bhoc as a’ Sealtainn, agus dh’ionnsaigh an latha an diu gheobh thu Clann Níll ann a thanaig o’n duine sin.

  (2/1/50)

  Fear Shanndraidh Agus an Guirmein

  (faicibh taobh 88)

  Uaireigin dha’n t-saoghal, agus cha bu mhath an latha sin, dé thachair ach gun do reacadh saghach air taobh an ear Bharraidh aig na Sgeirean Fiaclach, àite glé ghoirid dha’n Churrachan, agus ‘s e guirmein an cargo a bh’innte, agus cargo fiachail a bh’ann. Cha robh duin’ arm an uair ud eòlach air guirmein no air rudan fiachail dha’n t-seòrsa sin, cha robh móran do dh’úidh ac’ unnta ann. Ach co dhiù bha fear ann am Barraidh, fear dha na tanaistearan a Chloinn Nìll, agus bha e fuireach ann an Sanndraidh; agus ’s e duine mór taitneach a bha as an duine gun teagamh, agus bha Sanndraidh leis, agus bhiodh e daonnan ag iasgach, agus bhiodh e dol a dh’iasgach dha’n chuan agus naoi snaoidhmeannan air a léinidh – léine a bh’aige; agus ’s e bhiodh a’ tarraing nan lion, agus bhiodh bian craicinn air a bhialaibh, cha robh oillsginean a’ dol as an amm a bh’ann.

  Nist, chunnaig e seo—agus ’s e duine a bh’ann a dh’fhiachadh ris an rud a dhianamh a dh’fhairslicheadh air a h-uile duin’ eile—thuirt e ris fhéin “’S fheàrr dhomh falbh a Ghrianaig ’s bheir mi liom ann luchd na sgothadh dha’n ghuirmein, agus ma théid liom, ’s math e, ’s ma theid ’nam aghaidh, is docha nach bi àrach agam air.” Dh’fhalbh e. Thug e leis gillean tapaidh còmhla ris, ’s luchdaich iad an sgoth le guirmein aig a’ Churrachan, agus dh’fhalbh iad a Grianaig. Fad’s a ghoirid gun dug iad air an ràthad, co dhiù rànaig iad, agus chreic iad an guirmein fada, fada os cionn an rud a bha dúil aca fhaighinn air. Agus thuirt fear Shanndraidh ris fhéin an uair sin: “Well” ars esan “ ’s e seo obair tha dol a phàigheadh, agus ’fhearr dhomh stad o iasgach.”

  ’S e bun a bh’a nn, stad e o iasgach, agus ann an amm mathas na bliadhna, thòisich e air tarraing a’ ghuirmein, gus mu dheireadh thug e air falbh do ghuirmein, nach robh am margadh air thuar a bhith cho math tuilleadh; agus sin an rud a bh’ann, stad e dheth a tharraing. Agus’s e le òr a bhithte ’ga phàigheadh;’s nuair a thànaig e dhachaigh, agus an trip-sa, chùnntais e – cha n-eil fhios a’m do chúnntais e, ach co dhiù, bha lumlan peic’ aige do shòbharain òir. Cha robh duine fiosrachach mu bhancaichean no dad an uair sin, agus cha robh ach na bha ’n sin am peic’ òir a ghleidheadh.

  Dh’ fhàs e ’n sin sean, agus thug Mac Nìll a bha ann an latha sin dha Sgurrabhal, agus nuair a dh’fhalbh e gu bhith ‘na Fhear Shanndraidh, chaidh e ’na Fhear Sgurrabhail; ach lean am peice fad na h-ùine ris; agus bha am peice a staigh ann an gaoirnlear mór, agus glas agus iuchair air a’ ghaoirnlear; agus mar bu trice a h-uile turns a bh’ann, cha rachadh e a mach as an taigh uair ’sa bith ach an iuchair à bha ann a’ seo m’a amhaich.

  Nist, rinn e ’n sin brògan; rinn e brògan dha fhéin, agus uachdar mhurain unnta, agus buinn do chraiceann caorach; agus sin agaibh na brògan a bhiodh air, nuair a thigeadh e a mach as an taigh a’s t-earrach, agus shuidheadh e as a’ ghréin aig ceann an taighe. Latha dha na laithichean, dh’éirich e, agus bha e dol a dheanamh a’ cheart-rud, agus gu tubaisteach gu dé rinn e ach dh’fhàg e an iuchair a staigh. Agus an déidh dha a bhith treis ’na shuidhe ris a’ ghrein, thuirt e ris fhéin “ Hud, hud!” ars esan “nach mi bha mobhsgaideach! Dh’fhag mi an diu an iuchair a staigh, agus ’s fheàrr dhomh a dhol dh’a h-iarraidh.”

  Nist, bha e air pòsadh glé bheag do dh’ùine reimhe sin, agus bha a bhean fada, fada, na b’òige na e fhéin; agus nuair a ranaig e staigh, bha i as a’ ghaoirnlear, agus cha n-fhaiceadh e ach pìos dha’n druim aice an sàs as a’ pheic òir. Agus ghabh e null far an robh i, agus thuirt e rithe “Tha mi smaointinn “ ars esan “gu bheil gu leòr agad” agus rug e air gàirdean oirre, agus chrath e ’n gàirdean aice, agus thuit na bha ’na cròig, ’na làimh co dhiù, thuit e ann am broinn a’ pheic’ air ais.

  Cha robh a bhean uabhasach toilichte dheth air son sin a dheanamh, ach co dhiù, shuidh e a staigh agus thuirt e ris fhéin gum b’fheàrr dha rudeigin a dheanamh dha’n pheic’ òir; gun do sheall a bhean dha an diu, nuair a gheobhadh i greim air a’ pheicidh air fad, nach biodh i fada cur as dha. ’S e rinn e, chuir e a dh’iarraidh an t-sagairt, agus chuir e a dh’iarraidh a’ mhinisteir, agus oilltear a’ mhinisteir, agus dh’inns e dhaibh an rud a bha dúil aige dhianamh, gu robh dùil aige a thiomnadh a dheanamh; agus na bha dh’òr as a’ pheice, gu robh e dol dh’a fhàgail, agus gur h-ann aig daoine bochda bha e dol dh’a fhàgail. Agus thòisich an sagart agus am ministear air bruidhinn cà ’n cuirt’ e; agus dh’aontaich iad air a chur ann am banc a bh’ann an Dun Éideann, ’s tha e ann fhathast cuideachd, tha mi creidsinn.

  Agus sin an cùmhnantan a chuir Mac Níll sios an Sgurrabhal; thuirt e mar seo: “Tha mise” ars esan “a nist a’ fàgail na bheil a’ seo a dh’òr as a’ pheice, an riadh aige a bhith air a riarachadh aig daoine bochda am Barraidh; agus bidh e aig an t-sagart, agus aig a’ mhinistear ann am Barraidh ri faicinn gum bi sin air a riarachadh. Agus seo agad” ars esan “fliad ’s a bhios e ann. Tha mise a nist a’ fagail a’ pheic’ òir agaibh, agus dol dh’a chur ann am banca, agus an riadh aige ri bhith air a riarachadh air a h-uile duine as feódhmaile ann am Barraidh; agus an uine tha mi cur reimhe” ars esan “seo agad an úine: fhad ’s a bhios bainn’ aig boinn duibh, no muir a’ bualadh ri lic, bidh riadh mo chuid airgid-sa a choisinn mi gu daor, ag obair air a shon, bidh e air a riarachadh air daoine bochda Bharraidh.”

  Nist, chon an latha an diu, tha sin mar sin. Riadh airgead Fhir Shanndraidh ’ga riarachadh aig na daoine ’s feódhmaile na chéile air an cuideachadh air tìr am Barraidh. Sin agaibh a nist naidheachd fhior, a chuala mise aig fear a mhuinntir Bharraidh, cha n-eil e an diu beò agus chuala e fhéin i aig fear facia na bu shine na e fhéin. Sin agaibh mo naidheachd, ma thà.

  (2/1/50)

  Na Tri Snaoidhmeannan

  (faicibh taobh 141)

  Bha siod ann reimhid, uaireigin dha’n t-saoghal ann am Barraidh air a’ Leitheig, àite tha ann an Tangusdal, iasgair, Dòmhnall Dòmhnallach, duine cho tapaidh, e fhéin ’s a chriù, ’s a bha air ùir Bharraidh. Bha daoine tapaidh ann am Barraidh, thogte sgothan ann, agus bhiodh iad ag iasgach leis na sgothan sin, bha sin mun dànaig bàta-smùide, no bàta ’sa bith eile, no idir aeropleun, mun danaig iad riamh goirid dha’n eilein. Bhiodh na Barraich a’ togail sgothan am Barraidh, chunna mi fhìn fear a bha ris an obair, agus chunna mi bàta a thogadh cuideachd, agus i air fàs gu math sean.

  Bhiodh iad a’ dol fad an earraich ag iasgach, ag iasgach gu trang as a’ chuan, iad fhéin a’ sailleadh ’s a’ tiormachadh ’s a’ cur air dòigh an éisg; agus bha sin aca deiseal, agus bha iad a’ falbh a rithist leis a Ghlaschu, leis na bh’aca do dh’iasg, air a’ cho’la diag
mu dheireadh dha’n t-samhradh agus ann am fior-thoiseach an fhoghmhair, nuair a bhiodh an t-sìde math air son an obair a dhianamh.

  Ach co dhiù, bha fear a’ fuireach ann an Tangasdal, Dòmhnall mac Dhòmhnaill, agus bha e fhéin agus an criù a bha còmhla ris ‘nan daoine cho sgoinneil ’s a bha ann am Barraidh as an amm. Bha iad fad an earraich ag iasgach, a’ deanamh deagh-iasgach cuideachd, agus ’ga thiormachadh, agus ga ghlanadh’s ga chur air doigh cho math. An sia latha dha na laithichean bha iad deiseal, ’s cho lumlan a mach air a bial; bha uighean innte, bha iasg innte, bha ol’ innte, agus gu dé nach robh innte a’ falbh. Latha dha na laithichean, mar a thuirt mi cheana, bha iad deiseal.

  Ach co dhiù, bhà bann-nàbaidh aig Dòmhnall, cailleach, agus bha aon mhart aice, agus cha robh fearann idir aice. Agus dh’fhoighneachd i do Dhòmhnall nuair a bha e falbh, “Nist, a Dhdmhnaill’ ars ise “tha thu dol a Ghlaschu; agus gun soirbhich thu leat. Agus nam biodh tu cho math ’s gun doireadh tu dhomh fhin fiar dha’n bhoinn ghlais gus an digeadh tu, bhithinn uabhasach fada ’nad chomain.”

  Bha Dòmhnall na dhuine còir aig an robh cridhe mòr fialaidh farsaing co dhiù; thuirt e ris a’ chaillich, “Gheobh thu sin, a Mhàiri, gheobh thu fiar dha’n bhoinn gus an dig mise gun teagamh. Bidh sinn a’ falbh a nist” ars esan “an diu fhathast, tha mi creidsinn, agus bidh am fiar sin agaibhse gus an dig mise air ais.”

  Dh’fhalbh iad co dhiù, a togail a mach a Bàgh a’ Chaisteil ’ga h-iomaradh, agus gun deò air an t-saoghal; ach eadar iomaradh is seòladh, bha iad a’ cumail rompa fad an rathaid gus an d’rànaig iad an Crianan; agus nuair a fhuair iad ro’n Chrianan ’s ro’ Chaol an t-Snàimh, bha a’ chuid bu chunnartaiche dha’n astar tuilleadh seachad. Rànaig iad a’ sin mu chuairt ’s ghabh iad a suas Cluaidh; rànaig iad an t-àite far am b’àbhaist dhaibh a bhith creic an éisg, agus rud ’sa bith eile a bheireadh iad leo, ’s thòisich iad air creic, agus ri creic gu math cuideachd. Agus ann am beagan ùine, am beagan laithichean, bha am bàt’ aca falamh; agus thoisich iad an uair sin air ceannach. Bha iad a’ ceannach min, beagan, agus tì, cha robh tì r’a fhaighinn am Barraidh an uair sin, agus siucair, agus rudan feómail eile dhaibh, bheil sibh a’ faicinn, a bh’aca, agus cuideachd, bha iad a’ ceannach móran do chainb, agus dubhain, agus a h-uile goireas a bhuineadh do dh’iasgach, bha iad ’ga cheannach an uair sin.

  An latha bha iad ullamh, thuirt Dòmhnall gu robh e dol suas dha’n bhaile, agus gun ceannaicheadh e galan uisge bheatha a bhiodh aca air a’ rathad. Chuala mi am fear a bha ’g innse na naidheachd ag ràdh, gun d’fhuair e ’n galan air dà thasdan diag. Ge tà, cha dianadh e sin an diu! Dh’fhalbh iad ’s thug iad an aghaidh sìos Cluaidh; fhuair iad dha’n Chrianan, agus fhuair iad reimhe, agus co dhiù, bha iad latha dha na laithichean a nuas Caol Muile, agus a’ ghrian dìreach ag éirigh as an uisge. Bha dà sheòl aca rithe ’s e ’n uidheam seòlaidh a bha riutha, bha seòl-deiridh rithe agus seòl-toisich; agus bha i falbh gu math, cho math ’s gu robh ‘n gnothach a’ còrdadh ri Dòmhnall gu h-anabarrach, agus gun duirt e ri fear dha na gillean, “Iain” ars esan “bheir ugam a nuas am pige sin shuas gu faigheamaid dram.”

  Chuireadh mu chuairt dram, ’s thuirt Dòmhnall “Air ur deaghshlaint’, fhearaibh, agus tha mi an dòchas, mum pòg a’ ghrian an cuan an iar Bharraidh an nochd, gum bi sinn air tír.” Thug e slàinte mu chuairt dhaibh air fad, agus bha iad gu math toilichte le dùrachd Dhòmhnaill ’s a h-uile sian, ’s bha i falbh, ’s bha i falbh gu h-eireachdail. Ranaig iad a’ sin a mach air ceann Cholla, agus nuair a chaidh iad mu ochd no naoi mhíltean ’san iar air Colla, spàrr iad ann am fiath, gun deò air uachdar an t-saoghail; agus an ath-rud a chunnaig iad, ’s e stoirm o’n iarthuath a’ tighinn eadar iad agus Barraidh. Agus gaoth ’nan ceann, cha robh i freagairt ris a’ seòrsa bhàtaichean a bha ’n seo idir, cha robh iad math gu seòladh le gaoth ’nan ceann idir ach glé mhiadhaineach; agus thuirt Dòmhnall air eagal mum millte na bh’ac’ innte, gum b’fheàrr dhaibh tilleadh, agus a dhol a staigh do dh’acarsaid Chòrnaig ann an Colla.

  Seo mar a bh’ann, thill iad, ’s chaidh iad a staigh dha’n acarsaid, agus chaidh iad suas, ’s bha na Collaich gu math ciatach riu, agus ’s iadsan a bh’ann a’ sin. Chomhairlich iad dhaibh gum b’fheàrr dhaibh fuireach gus am màireach. As a’ mhionaid gun d’fhuair iad air dòigh a nist, cha do mhair sin fada, dh’atharraich a’ ghaoth agus co dhiù, chaidh am feasgar seachad. Thuirt iad riu fhéin, nach fhiachadh iad dhol tarsainn a’ chuain gus am faigheadh iad aimsir toiseachadh latha agus gaoth chothromach.

  Là’r-na-mhàrach, dh’fhiach iad. Aig a’ cheart àite-sa, spàrr iad as a’ cheart-fhiath, agus an ath-rud a chunnaig iad, gaoth mhór an iarthuath eadar iad is Barraidh. Thachair sin an diu mar a rinn e an de, agus b’fheudar dhaibh tilleadh a dh’acarsaid Chòrnaig. Bha iad ’n sin a nist; dh’fhiach iad sin iomadach uair, ’s dh’fhàs iad mu dheireadh cho searbh bhith ’ga fiachainn, agus an gnothach a’ fairsleachainn orra, gun dug iad aiste an cargo air fad, agus gun do stobh iad ann an taighean beag e, aig na Collaich, agus ’s ann a thòisich iad air a’ bhuain còmhla riu, ’s air a’ bhuain a chur air a ceangal, ’s a’ buain, ’s cur a staigh an arbhair.

  Chuir iad a staigh an t-arbhar, agus bha ’m foghmhair a’ teannadh gu chrioch, ’s thòisich iad a’ sin air a’ bhuntàt’ a thogail. Bha iad cómhla riu a’ togail a’ bhuntàta; cha robh guth air faighinn a Bharraidh. Oidhche dha na h-oidhcheannan, bheil thu faicinn, ’s am buntàta air thuar a bhith aca a staigh, thuirt iad gun tòisicheadh iad air a dhol air chéilidh mar a bha na Collaich fhéin a’ deanamh, agus ’s e sin an rud a bh’ann, chaidh iad ann. Chaidh iad a thaigh. Agus bha cailleach, bha seann-té an t-saoghail mhóir an taobh shuas dha’n teine, agus bha Dòmhnall a’ gabhail beachd oirre, agus ag aibhseachadh cho sean ’s a bha i. Ged nach robh e ’g radha guth rithe, bha e ’g ràdh ‘na inntinne fhèin gum b’uabhasach fhein an coltas sean a bh’oirre.

  Ann an teis-mhiadhain “greas ort” thànaig fras o’n iarthuath, fras uabhasach do chlachan meallain. Dé thachair ach thànaig an t-each, an t-each dubh a staigh, agus sheas e air rniadhain an ùrlair, agus thionndaidh e a chùl ris an àird an iarthuath, agus sin a’ chiad bhruidhinn a fhuair a’ chailleach. Bhruidhinn i, agus thuirt i mar seo: “Ùbh, ùbh, ùbh!” ars ise “eich dhuinn, nach e a’ chailleach Bharrach a tha deanamh ort an nochd! Chuir i dhachaigh chean’ thu.”

  Agus nuair a chuala Dòmhnall seo, thuirt e ris fhéin “Dia, tha fiosrachadh agadsa nach eil agamsa, agus cha déid e seach an nochd gus am bidh fhios agamsa dé bha thu ciallachadh mu’n each.”

  Agus co dhiù, chum iad air naidheachdan, naidheachd a null’s naidheachd a nall, mu dheireadh gus an robh an t-amm ann falbh; agus dh’fhan Dòmhnall air deireadh. Agus chaidh a h-uile duine a mhuinntir an taighe a chadal ach a’ chailleach agus Dòmhnall. “Nist” arsa Dòmhnall rithe “chuala mis’ thu ag ràdh rud ann a’ siod an nochd, agus chuir e móran do dh’annas orm, nuair a thànaig an t-each dhachaigh nuair a bha ‘n fhras ann an uair ud, dé bha sibh a’ ciallachadh.”

  “Ah, a Dhòmhnaill” ars ise “a dhuine bhochd, tha mise làn truais riutsa agus ris an fheadhainn tha còmhla riut an ùine a tha sibh ri port ann an Colla. Tha sin agadsa air tailleabh cho fior-choibhneil ’s a bha thu fhéin, agus sin” ars ise “thug thu fiar dha’n bhoinn ghlais, dha’n chaillich a tha ri’r taobh ann am Barraidh, agus sin an té tha ’gad chumail ri port ann a’ seo fhad ’s a tha thu ann.”

  “Da, bhoireannaich” arsa Dòmhnall “thug mise dhi fiar gun teagamh, ach nach uabhasach an camas a th’agam, agus tha mi gabhail gu bheil fhios agads’ air a’ sin.”

  “O, tha fhios agamsa” ars ise “siod an té a tha ‘gad chumail-s’ ri port an Colla. Ach” ars ise “ma ghabhas tusa mo chomhairle-sa an nochd, bheir mi comhairle ort, ’s gheobh thu air tìr a Bharraidh ach cha dean math dhut dad a dhianamh ach an rud a dh’iarras mis’ ort. Agus” ars ise, ’s i cur a làmh air a cùlaibh a null’s i toirt a nail cuigeal, “tha mise nist a’ dol a dheanamh snàithlein dhutsa, Dhòmhnaill, agus aig a’ cheart-amm tha mi dol a chu
r tri snaoidhmeannan air an t-snàithlein; agus nuair a thogas tu bho chladach Cholla, ’s ma bhios a’ ghaoth gann ort, ma bhios tu talach air a’ ghaoith, fuasglaidh tu snàithlein, a’ chiad fhear.”

  Nist, rinn an criù mar a dh’iarr Dòmhnall orra, agus fhuair iad a h-uile greim a bh’aca a chàradh gu sàbhailte as a’ sgothaidh, agus chuidich na Collaich iad gu math cuideachd. Agus nuair a bha a h-uile sgath a bha ’n sin deiseal, thog iad a mach o’n chladach, agus chuir iad rithe an seòl agus dh’fhuasgail iad fear dha na snàithleinean. (Cha robh nist aca ri—ach a dhà fhuasgladh; ach an treas fear, cha robh aige ri fhuasgladh idir, thug a’ chailleach an aithn’ ris-san air.)

  An déidh dhaibh togail a mach o’n chladach, chuir iad rithe an dà sheòl, agus dh’fhuasgail iad fear dha na snàithleinean, agus leis a’ sin, bha i falbh gu riochdail, faodaidh mi radha cho riochdail ’s a bha i riamh. Agus nuair a bha iad a’ sìor-theannadh a nail gu math ri Barraidh, agus nuair a bha iad air teannadh a nail, bha Dòmhnall a’ dol rud bu mhisniche agus an críu cuideachd. Bha deireadh gealaich ann, a’ ghaoth cothromach, cho cothromach ’s nach b’urra dha bhith na bu chothromaiche. Agus nuair a bha iad a’ tighinn glé ghoirid do Mhaol Dòmhnaich, thuirt Dòmhnall riu “Well a nist, fhearaibh, ma tha sibh a’ smaointinn gun doir i leatha barrachd,’s gum bi sinn a dhìth tuilleadh gaoitheadh, fuasglaidh mi snàithlein eile.”

 

‹ Prev